Tha an Dùbhlan Mòr Uaine

Duilleag Dachaigh

’S ann mu dheasbad a tha an Dùbhlan Mòr Uaine. Dè do bheachd air cumhachd ath-nuadhachail? A bheil sinn a’ dèanamh gu leòr? Nuair a chì thu tuath-gaoithe a bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil e uasal no oillteil? Ma tha thu airson do bheachd a chur an cèill – agus cothrom fhaighinn air duaisean mìorbhaileach a bhuannachadh – tha sinne gad iarraidh!

Tha a’ cho-fharpais, a-nise san dara bliadhna, a’ ruith air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus tha i fosgailte dha sgoilearan eadar a’ chiad ’s an treas bliadhna san sgoil. Tha sinn a’ sireadh sgiobaidhean cruthachail de thriùir airson pàirt a ghabhail ann an deasbadan beò an aghaidh sgoiltean eile. Gabh pàirt agus bi deiseil gus faighinn a-mach dè as fhiach is dè nach fhiach ann an cumhachd ath-nuadhachail – agus innis do bheachdan dhan choimhearsnachd!

Carson a ghabhadh tu pàirt?

An toiseach, tha an Dùbhlan Mòr Uaine a’ toirt cothrom dhut do bheachdan mu aon de na cùisean as motha a tha mu choinneimh Alba a chur an cèill agus, aig an aon àm, eòlas fhaighinn air an tlachd a th’ ann a bhith a’ gabhail pàirt ann an deasbad fosgailte. Ach chan e sin e uile – gheibh thu cothrom air duaisean iongantach a bhuannachadh. Thathas a’ toirt seachad duaisean aig a h-uile ìre den cho-fharpais, is mar sin chan eil leisgeul agad gun a bhith a’ gabhail pàirt!

Cò dh’fhaodas pàirt a ghabhail?

Airson a dhol a-steach dhan Dùbhlan Mòr Uaine feumaidh tu sgioba de thriùir air a tharraing bhon a’ chiad, an dàrna ’s an treas bliadhna ann an sgoil air Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan – agus feumaidh sibh a bhith deiseil airson deasbad a dhèanamh air cumhachd ath-nuadhachail. Thèid pasgain le fiosrachadh a-mach gu sgoiltean, le mìneachadh mu inntrigeadh – agus ma tha thu airson pàirt a ghabhail, faighnich dhad thidsear – no iarr orra tadhal air an làraich-lìn seo. Ghabh 38 sgiobaidhean pàirt an-uiridh agus tha sinn an dòchas gun bi barrachd againn am-bliadhna!

Ciamar a tha e ag obrachadh?

Left to right: Emma Campbell, Ruth Walker, Laura Jones and Miriam Clark.

Bidh sgiobaidhean bho sgoiltean air feadh ceann a tuath na h-Alba a’ strì ann an trì cuairtean de dheasbadan mu chumhachd ath-nuadhachail.

’S e obair na buidhne agaibh a dhol air adhart gun ath ìre le bhith a’ toirt buaidh air na britheamhan le ur n-argamaidean drùidhteach agus ur sgilean deasbaid. Na gabhaibh dragh mura robh sibh ann an deasbad roimhe – bidh eòlaichean a’ tadhal air sgoiltean airson stiùireadh, sanasan is comhairle a thoirt dhuibh. Bidh an Dùbhlan Mòr Uaine a’ crìochnachadh le cuairt mhòr dheireannaich, far am bi panal de dhaoine co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail a’ toirt breith. Chaidh cuairt dheireannach na bliadhna an-uiridh a riochdachadh le Laura Jones bho Newsround a’ BhBC.

Agus na duaisean?

Fhuair an fheadhainn a bhuannaich ann an 2007 cuairt gu Navarre san Spàinn airson cumhachd ath-nuadhachail fhaicinn ag obrachadh, agus chaidh an sgioba a bha san dàrna àite dhan Eden Project anns a’ Chòrn. Tha duaisean na bliadhna sa rim foillseachadh fhathast – ach faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi iad a cheart cho inntinneach. Gu dearbh, tha duaisean eile ann aig gach ìre den cho-fharpais – is mar sin cha bhi duine a’ dol dhachaigh falamh!

Cuir fios thugainn a-nis airson pàirt a ghabhail...

 

Copyright © 2008 Highlands and Islands Enterprise. To get in touch, please email us.